('
■ / J. /mm
LAOIDHEAN
AIR SON
TIOMAN BEANNACHD.
(HYMNS FOR TIMES OF BLESSING.)
TRANSLATED BY
REV. A. MACRAE,
From Mr. SanJceifs "Sacred Songs and aSWos," &c.
By Special Permissicn, and adapted to oe Sung
to his Music.
EDINBURGH: MACLACHLAN à STEWART,
Publishers oi Bibles, Testaments, Psalm Books, and Catechisaui in
Gaeìic and English.
SOLD BT THE KELIGIOUS TRACT AND BOOK SOCIETT.
GLASGOW : FRANCIS ORR AND SONS.
OBAN : JAMES MILLER.
8TORNOWAT : ÌIACPHERSON AND CO.
Abebdeen, June 17, 1S74-
Alex. MacKae,
Dear Brother, — Yours received. I hereby give you
permission to translate and publish any of my Hymns ;
and may God bless tbe singing of them by the dear
Highlanders.
Yours. Singing for Jesus,
IRA D. SANKEY.
o %
'*. 1958
LAOIDHEAN.
THA MI TIGHINK ("I am Coming.")
1. Nis cluinneam, Dhe', do ghuth,
A ghairmeas thugacl mi,
Chum m' ionnlad ann ad fhuil, thar jirìs,
A shruth air Calbhari.
Tha mi tighinn, Dh§,
Thngad fèin, mo Righ,
Nigh mi, glan mi anns an fhuil
A shruth air Calbhari.
2. Ged thig mi lag 's neo-ghlan,
Neart bheir tu dhomh gun dìth,
Is glanaidh tu gach truaill'eachd uam,
A chum gun smal gu'm bi'm.
Tha, &c.
3. 'S e Ios' a tha ga m' ghairm
Gu creidimh iomlan 's gràdh,
Gu foirfeachd dòchais, sìthe, 's earbs,
'S a bheatha so 's gu bràth.
Tha, &c.
4. Is Iosa, daingn'chidh E
Obair an àigh 'sa chridh,
Le gràs a thoirt do n' dh-f hàiltich gràs,
Ged righich peacadh roimh.
Tha, <xc.
5. Is bheir E fianuis fòs
Do'n chridhe dhileas, shaor,
Gu'm bi gach gealladh coimhlionta
'S an tagair creidiinh còir.
Tha, &c.
6. Fàilt ortsa, Fhuil na i'eit,
Is air Gràs-saoraidh fàilt,
Is fàilt air Tiodhlac Chriosd, ar Tighearn,
Ar Fireantachd 's ar Slàint.
Tha, &c.
AN GEAT FOSGAILT. ("The Gate Ajar.")
1. Tha geat air fhàgail fosgailt ann,
Tre'ni faicear deàrsadh glòirmhor
Fad as a dealradh oirnn o'n chrann,
'S a nochdadh gaol an t-Slàn'ghir.
Oh, doimhneachd tròcair! 'm bheil e fior
Gun d'fhàgadh fosgailb' e dhomh fhìn?
Dhomh fhìu, dhomh fhìn —
Seadh, fosgailte dhomh f hìn ?
2. Tre 'n gheat ud gheibh gach aon a thig
Ag iarraidh trìd chum slàinte ;
Am bochd 's am beartach, mòir is big,
'S gach cinneach, treubh, is cainnte. Oh ! &c.
o. Gabh steach, 's na bacadh naimhdean thu,
Mas dùinear dorus tròcair.
Tog ort do chrann is glac an crùn
Tha gràdh nach caochail tabhairt. Oh ! &c.
4. Cha ghiùlan sinn taobh thall na h-aimhn'
An crann tha so g'ar ceusadh;
Ach togar crùn na beatha leinn,
'S ar gràdh do Dhia sior mheud'chidh. Oh ! &c
TUILLE FEITHEAMH. (" More to Follow.")
1. 'N do clireid thu ann an Dia na glòir?
Tha fathast tuille feitheamh ;
As a ghràs an d'fhuair thu stòr?
Tha fathast tuille feitheamh;
0 meud gràis an Athar dhuinn !
Tha fathast tuille feitheamh,
A ghràs gu saoibhir phairtich leinn,
'S tha fathast tuille feitheamh.
Comh-fhonn —
Tuille 's tuille, tuille 's tnille,
An còmhnuidh tuille feitheamh,
Tha 'ghràdh gun choimeas is gun chrioch!
Is fathast tuille feitheamh.
2. An d'fhuair thu aithn' air Slàn'ghear dlùth?
Tha, &c.
'N do mheal thu n' aoibhneas thig o 'ghnùis?
Tha, &c.
0 meud 'ghràidh th'aig Iosa dhuinn!
'S tha, &c.
A ghràdh gu saoibhir phairtich leinn
'S tha, &c.
Tuille 's tuille, &c.
3. 'N do mhothaich thu an Spiorad treun?
Tha, &c.
'Tuiteam mar an driùchd gu seimh ?
Tha, &c.
0 rneud neirt an Spioraid Naoimh!
'S tha, &c.
A neart gu saoibhir phairtich leinn
'S tha, &c.
Tuille 's tuille, &c.
GLEIDHIBH 'N DAIXGNEACH. (" Hold the Fort.")
1. Ho ! mo chàirdean, faicibh 'n sauus
'Luasgadh anns an speur !
Sud ath-neartachadh am fradharc,
'S faisg nis buaidh, 's tha feura!
"Gleidhibh'n daingneach, tha mis tighinn!1
'Se their Iosa ruinn.
Suas a' bhratach 's biodh ar freagairt —
"Tre d'ghràs gleidhidh sinn."
, Faicibh feachd ro-làidir 'dlùthadh.
Satan air an ceann ;
Daoine treun gach taobh dhinn tuiteam,
'S fàgail misnich fann.
"Gleidhibh," &c,
Faicibh 'bhratach àluinu 'lasadh,
Cluinnibh 'n trompaid 'seirm,
Bheir sinn buaidh an ainm ar Ceannaird
Thar gach nàmh 'thog airm.
"Gleidhibh," &c,
Ged is teinnteach, buan an comhrag
Fuasglar oirnn gun dàil ;
So Ceann-iùil nam buadh 'tigh'nn thugainn.
Suas bhur n-iolach àrd !
"Gleidhibh," &c.
THA MIS' AN SO: CUIR MIS'.
(" Here arn I : seud me.")
. Eisd ! 'Se sud guth Iosa 'glaodhach : —
"Cò theid mach an diugh a bhuain?
Faic! tha raointean geal chum fogh'raidh,
Cò bheir steach na sguaban trom'? "
Gu h-àrd, treun tha 'n Tighearn ag èigheach,
'S mòr an duais a thairgear leis,
Cò bheir freagradh dha gu deònach
"Tha mis an so ; cuir mis, cuir mis ! "?
2. Thar a chuan mur feucl thu seòladb
Furtachd 'thoirt au dùth'chaibh cèin,
Gheibh thu truagbaua nis fhaisge ;
Furtaich or' 'nad starsnaich fein.
Mur 'eil mìltean gu thoirt agad,
Ach a mhàin an dà bhonn bheag,
Thoir sin fhèin o ghaol do Iosa,
'S bithidh e ro-luachmhor aig.
3. Ged nach d'fhuair thu teang nan aingeal,
Ged nach searm'naich thu mar Phol,
Faodaidh tu gràdh Ios' a mholadh —
"Uan De' 'ghiùlain peacaidh 'n t-saogh'l."
Ged nach dùisg thu suas na h-aingidh
Le eagal 's uamhann latha bhràth,
'S urrainn thu clann bheag a stiùireadh
Dh-ionnsuidh Chriosd 's a ghairdean tlàth.
4. Fada uait biodh cainnt an leisgein —
"Cha 'n 'eil obair 'fhreag'ras orms,"
'M feadh 's tha anama dhaoine 'bàsach',
'S Tighearn an f hogharaidh gad' ghairms.
Gabh thus' uaith an obair bheir E,
'S bitheadh i na tlachd do d' chridh ;
Eiscl ri 'ghuth, 's gu h-ealamh abair,
" Tha mi 'n so ; theid mi, theid mi ! "
5. Mur buin dhuit-sa bhi'd fhear-faire
Air ball' Shioin, 'seasamh àrd,
Comh'rachadh na sligh gu fiaitheas,
Tairgseadh beatha 's sìth do chàch;
Faodaidh tu le ùrnuigh 's fialachd
Obair dheanamh 'ghabhar uait,
Faodaidh tu, mar Aaron dìleas,
Làmhan f àidh 'chumail suas.
6. Ged nach leatsa measg nan seanair
Ait fear-teagaisg ris an geill ;
"Beathaich m'uain," deir Criosd, ar Buachaill,
Thoirs' am biadh gu ruig am be'il.
'S theagamh gu'm bi 'chlann ud fathast
Threòraich thu 's do làmh air chrith,
Air am faotainn measg do sheudan
Anns an tìr sin 's fearr air bith.
AN SEACHRANAICHE. ("Prodigal Child.")
1. Pill dhachaidh ! Pill dhachaidh !
Nach 'eil sgìos air do chridh,
Oir 's ann dorch bha do shligh,
Is ro-aon'ranach garbh?
Thus' air seach'ran a dh-fhalbh!
Nach pill thu dhachaidh?
Gomh-fhonn —
Dhachaiclh! pill, oh, pill, pill!
2. Pill dhachaidh ! Pill dhachaidh !
Ni sinn faire gu 'm pill,
'S aig a gheat seasaidh sinn,
Gun a dhùnadh a nochd.
0 sheachranaich bhochd!
Nach pill thu dhachaidh ?
Dhachaidh! &c.
3. Pill dhachaidh ! Pill dhachaidh!
O chùis coire is cràidh,
O ghaol peacaidh 's o nàir,
O'n ti inheall thu 's a bhuair.
0 sheachranaich thruaigh !
Nach pill thu dhachaidh ?
Dhachaidh! &c.
4. Pdl dhachaidh! PiU dhachaidh!
Gheibh thu aran gu d' shàth,
Agus caidreamh ro-bhlàth,
'S cha dean maoidheamh ort aon.
0 leinibh a chlaon !
Nach pill thu dhachaidh?
Dhachaidh! &c.
FOLAICH DO MHULAD. (" Bury thy Sorrow.")
1. Pach 's folaich do mhulad,
Tha chuid fein aig gach neach ;
Cuir folach air buileach,
Le cùram 's le beachd.
Gu ciuine clean 'chnuasach
'S an uaigneas leat fein,
Sgaoil mach e rohnh Iosa
"'S bidh h-uile ni rèidh.
Sgaoil mach e roimh Iosa,
°'Tha eòlach air bròn ;
Sgaoil mach e roimh Iosa,
'Ni leighis do leòn.
Cum cuimhn air an aoibhneas
Dhòirt Ios' air do shligh ;
'Se Esan bheir suaimhneas—
Dha fosgail do chridh.
. Tha daoin' eil' ag osnaich'
Gun solus 'nan oidhch',
'S an cridh ach beag sgìiineadh,—
Thoir-s comhfhurtachd dhoibh.
Cuir comhdach air t-àmhghar,
:S bi 'd bheannachd do chàch.
Bi aoibhneach 'nan làthair,
'S do bhròn air Ios' fàg.
CHA BHI FAD. (" Sweet By and By.")
1. Tha tìr ann tha n'as dealrach no là,
Tìr a chi sinn tre chreidimh o che'in,
Oir tha 'n Righ 'n sin 'na mhaise a ghnàth
'Chaidh a dh-ullach' dhuinn àite leis fèin.
Oh 'n sgeul ait, cha bhi fad
Gus an coinnich sinn thall air an trài
2. 'N uair a gheibh sinn ar cas air an tràigh,
Canar leinn òrain fhonnmhor nan saoi,
'S bidh ar spiorad tur saor o gach cràidh,
'S cha tig sgìos 'thogail osnaich a chaoidh.
Oh 'n sgeul ait, &c.
10
3. Do ar n-Athair tha fialaidh 's làn bàigh
Bheir sinn cliu agus molaclh gnn chlos,
Airson Tiodhlac do-labhairt a' ghraidh
Is gach beannachd a shealbhaich sinn bhos.
Oh 'n sgeul ait, &c.
AM BÀT-BEATHA. ("The Life-boat.")
1. Solus 'san dorch, a sheòl'dair, 's faisg briseadh fàir !
Faic thar na tonnaibh beucach Caladh-an-àigh.
'S doirbh fhuair thu 'n turus, sheòl'dair, acìi 's dlùth
dhuit fois,
'S sàbhailt thu am bàt-na-beatha. Iomair a nis !
Comh-sheirm.
Iomair gu tràigh, sheòFdair, iomair gu tràigh !
Suarach leat biodh luasgadh-tonn, bi tarruing an
ràimh.
Sàbhadt am bàt-na-beatha, na bi strìth ri fèm,
Fàg an t-seann long-bhriste sin, is iomair gu dian.
2. Earb nis ri bàt-na-beatha, earbs' eil' tha faoin.
Ged is treise stuaidhean 'bualadh, ged is gailbhich sian,
Na gabh suim do ghaothaibh stoirmeil le'm beucadh
àrd,
Cum do shùil air Reult-na-Maidne, 's iomair gu tràigh.
Iomair gu tràigh, &c.
3. 'S òirdhearc a' mhaduinn, sheòTdair, suas tog do shùil;
Neoil is dorchadas a' teicheadh, glòir 'tarruing dlùth !
Sàbhailt am bàt-na-beatha, sheòl'dair, seinn gun tàmh
" Glòir is glòir is halleluia ? " Iomair gu tràigh !
Iomair gu tràigh, &c.
GAIRDEANA IOSA. (" Safe in the Arms of Jesus.")
1. Tkaruint an treun-ghlac Iosa,
Tèaruint 'na uchd ro-chaoin,
Le bratach a' ghràidh sgaoilt tharum
M' anam gheibh fois gu caomh.
11
Eisd ! cluinneam guth nan aingeal.
('S aoibhneach ]e m' chridh an cèol !)
Thar a chuan iaspeir thig e—
Oran o thìr na glòir : —
Tèaruint an treun-ghlac Iosa
Tèaruint 'na uchd ro-chaoin,
Le bratach a' ghraidh sgaoilt tharum
M' anam gheibh fois gu caomh.
. Tèaruint an treun-ghlac Iosa,
Saor o chnànih cùram 'chaoidh,
Saor o gach buaireadh saogh'lta,
Peacadh cha bhi 'n sin gu m' chlaoidn.
'M fasgadh o bhròn nam fuar-dhealt,
Saor"o gach eagal 's ceist,
Measam m' uil' dheuchaiftn eutrom
'S m' uile dheòir nis ach beag.
Tèaruint, &c.
L Iosa, 'se m' thlachd do Dhìdean !
Ios' air mo sgàth fhuair bàs,
Carraig nan Al, — gu daingean
Earbaidh mi ris gu bràth.
Ios' m' àite-tàimh ! 's gu foigh'dneach
Eeitheam gn'n teich na sgàil,
Feitheam gu'm faic mi 'mhaduinn
Briseadh an glòir o'n àird.
Tèaruint, &c.
SEUDAN. ("Jewels.")
1. 'N tjaik a thig E, 'n uair a thig E,
'S gun dean E suas 'sheudan,
Ud' a sheudan, 's luachmhor 'sheudan,
'Chuid fein is a rùn.
G.f. Mar na reultan 'sa mhaduinn
'Na chrùn bòidheach 'lasadh,
'S iad bhios maiseach,— gach neamhnaid
Gheibh àite na chrim.
12
2. 'S E tha 'tional, 's E tha 'tional
Gach neamhnaid d'a rioghachd.
'S glan iad uile, 's soilleir uile,
'Chuid fem is a rùn.
Mar, &c.
3. A chlann bheag ud, a chlann bheag ud
'Bheir gràdh d'am Fear-saoraidh,
'S iad na seudan, 's luachmhor 'sheudan,
'Chuid fèin is a rùri.
Mar, <fcc.
THIG CHUM AN T-SLAN'GHEIR.
("Come to the Saviour.")
1. Thig chum an t-Slàn'gheir,.moile na dean;
Cheibh sinn 'na f hocal seòladh d'ar ceum ;
Seasamh 'nar measg tha Criosd an diugh fèin,
'Labhairt gu caoimhneal, " Thig ! "
G.f. 'S aoibhneach, aoibneach bhios a choinneamh
mhòr,
'N uair thig sinn (o'r peacadh glan is saor)
Cruinu ann ad fhianuis, Shlàn'gheir ar gaoil,
'S an dachaidh shiorruidh sin.
2. "Euilgibh do na leanabaibh!" — guth Chriosd 's e
th'ann.
Leumadh gach cridh le aiteas a danns,
'S biodh Es ar roghainn tuilleadh o'n àm-s;
Moile na dean, ach thig.
'S aoibhneach, &c.
3. Smuainich a rìs, an diugh tha E leinn.
Urram is g^ill d'a àithn' thugadh sinn,
'S caoimhneal a bhriathran, eisdibh is cluinn : —
" 'N tig sibhs', mo chlann, an tig?"
'S aoibhneach, &c.
13
NI 'N TIGHEARN AIR AR SON.
(" The Lord will provide.")
1. Atr dòigh no dòigk eile ni 'n Tighearn air ar son.
Math dh'fheudt nach e m' dhòigh-s e;
Math dh' fheudt nach e t' dhòigh-s e,
'S gidheadh ann a dhòigh fèin
Ni 'n Tighearn air ar son.
C. f. Mar sin anns bidh ar n-earbs',
'S ni Es air ar son;
Seadh, 'san Tighearn bidh. ar n-earbs',
'S ni Es air ar son.
2. Aig àm no km eile, ni 'n Tighearn air ar son.
Math dh'fheudt nach e m' àm-s e,
Math dh' f heudt nach e t' àm-s e;
'S gidheadh ann a àm fein
Ni 'n Tighearn air ar son.
Mar sin, &c.
3. Na tuiteadh do mhisneach ; ni 'n Tighearn air ar son.
'S biodh so dhuinn mar chomhar,
Cha d' labhair E focal
Roimh so nach do thachair.
Ni 'n Tighearn air ar son.
Mar sin, &c.
4. Gabh romhad le dànachd, oir sgoltaidh an cuan.
Air slighe ro-ghlòirmhor,
Le iolach gu ceòlmhor,
Gun tog sinn fonn òraia : —
" Ni 'n Tighearn air ar son."
Mar sin, &c.
DUILLEACH A MHÀIN. (" Nothing but Leaves.")
1. Duilleach a mhuin ! Tha 'n Spiorad cràidht'
'N uair chaithear beath gun f heum ;
'N uair chead'cheas coguis peacadh dàn,
'S nach cumar bòid no gealladh slàn,
'S gur crioch do strìth nam bliadhn'
Duilleach a mliàin ! duilleach a mhàin !
14
2. Duilleach a mhàin ! 'n àit diasan làn —
An toradh 'gheall ar n-òig ;
Chuir sinn siol maith, 'se cogal 'dh-f hàs,
Cainnt, cainnt gun bhrìgh, 's cha ghniomh'ra gràis,
'Se bhuainear dheth fa-dheòidh —
Duilleach a mhàin ! duilleach a mhàin !
3. Duilleach a mhàin ! Cha 'n f highear sgàil
Gu folach na chaidh seach :
'N uair chùnntar leinn gach ceum a rinn,
Liùth'd là a chaill 's mhi-bhuilich sinn,
O 's cianal 'dheanamh mach ! —
Duilleach a mhàin ! duilleach a mhàin !
4. Ah ! cò theid mach 'thoirt f àilt d'a Thriath,
'S gun aig ach duilleach sheargt ?
Cò thilgeas sios roimh 'n t-Slàn'ghear chaomh,
'S E 'suidh air caithir-bhreith an t-sao'il,
An àit meas abuich dearg —
Duilleach a mhain ? duilleach a mhàin !
CONTENTS.
Am Bàt-beatha, ("The Life-boat,") ... 10
An Geat Fosgailt, ("The Gate Ajar,") ... 4
An Seachranaiche, (" Prodigal Child,") ... 8
Cha Bhi Fad, (" Sweèt By and By,") ... 9
Duilleach a Mhàin, (" Xothing but Leaves,") . .13
Folaich do Mhulad, ("Bury thy Sorrow,") . . 8
Gairdeana Iosa, (" Safe in the Arms of Jesus,") . 10
Gleidhibh 'n Daingneach, ("Hold the Fort,"). . 5
Ni 'n Tighearn air ar Son, ("The Lord will provide,") 13
Seudan, ("Jewels,") 11
Tha mi Tighinn, ("I am Coming,") ... 3
Tha mis' an So : cuir mis', (" Here am I : send me,") 6
Thig chum an t-Slàn'gheir, (" Come to the Saviour,") 12
#Tuille Feitheamh, (" More to follow,") ... 5